An t- seachdain mu dheireadh gus beachdan a chur don rannsachadh air Cumhachd ath-nuadhachail

22.02.2012

Is e seo an t-seachdain mu dheireadh gus beachdan a chur a-steach don rannsachadh aig Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd is Turasachd Pàrlamaid na h-Alba air cho ruigsinneach sa tha na targaidean aig Riaghaltas na h-Alba airson cumhachd ath-nuadhachail.

Is e Diciadain 29 Gearran an ceann-latha mu dheireadh airson fianais.

Às dèidh seo, coinnichidh a’ Chomataidh sa Mhàrt gus beachdachadh is aontachadh air co an luchd-fianais a bheir seachad fianais beòil. Thèid cuiridhean foirmeil a chur an uair sin agus thèid clàr-ama a stèidheachadh airson cruinneachadh fianais. 

Tha fios aig a’ chomataidh gum bu math le Mgr Dòmhnall Trump fianais beòil a thoirt don rannsachadh. Thèid co-dhùnadh a dhèanamh tràth sa Mhàirt am bu chòir Mhgr Trump a bhith am measg na daoine a bheir seachad fianais don comataidh.

Cùl Fhiosrachadh

 

Am measg prìomh cheistean an rannsachaidh, bidh:

 

·         A bheil cothrom air an teicneòlas gus na h-amasan a thoirt a-mach agus an ruigear air a thaobh cosgais?

·         A bheil na h-oilthighean is na h-ionadan-rannsachaidh againn uidheamaichte gus na feumalachdan mu leasachadh teicneòlach a choilionadh?

·         Ciamar a ghabhas tàbhachdan nàiseanta cur air an aon rèir ri ceistean ionadail?

·         A bheil sinn cinnteach gun gabh am bun-structair a tha a dhìth leasachadh agus maoineachadh gus am faod Alba gineadh-dealain a bharrachd a reic ris a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte?

·         Dè a’ bhuaidh a bhios ann air na tha luchd-caitheimh a’ pàigheadh?

·         Am bi maoin gu leòr ann gus sgrùdadh a dhèanamh air an dà chuid cur a-steach is leasachadh an teicneòlais iomchaidh?

·         Am bi gu leòr de sgilean dùthchasach aig Alba gus tasgadh air an taobh a-staigh a thàladh?

·         A bheil an leasachadh air margadh an lùtha agus rèim nan tabhartasan san Rìoghachd Aonaichte is ann an Aonadh na h-Eòrpa le chèile gu leòr gus dùbhlan nan amasan mu ath-ùrachadh aig Riaghaltas na h-Alba a thoirt a choilionadh?  

Duilleag an Rannsachaidh:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/46125.aspx

 

Is e an ceann-latha mu dheireadh a tha ann gus beachdan a chur a-steach 29 Gearran 2012.

 

Tha fàilte ro fhianais sa Ghàidhlig.

 

Bu chòir beachdan a chur, uimhir is a ghabhas e dèanamh, ann an cruth dealanach agus ann an riochd MS Word gu: renewablesinquiry@scottish.parliament.uk

 

Faodar beachdan a chur ann an cruth cruaidh gu:

 

Comataidh Eaconomaidh, Lùtha is Turasachd

 

TG.01

 

Pàrlamaid na h-Alba

 

Dùn Èideann EH99 1SP

Fios Conaltraidh

Meadhanan

Comataidhean

Fiosrachadh a' Phobail

Faodar ar leantainn air twitter @scotparl